Am Ficheadamh Bliadhna de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean
Tha farpais am bliadhna a’ comharrachadh fichead bliadhna de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean. Thòisich am farpais ann an 1999 agus tha e air a bhith gu math soirbheachail thairis air nam bliadhnaichean. Tha am farpais a’ toirt cothrom do sgoilearan na sgilean deasbaid aca a shealltainn agus coinneachadh ri sgoilearan eile bho air feadh Alba a tha a’ bruidhinn Gàidhlig.
Tha an obair ullachaidh mu farpais am-bliadhna air tòiseachadh agus tha a h-uile coltas ann gur e deagh bhliadhna a bhios ann a-rithist don Dheasbad! Siubhalaidh mu cheathrad sgoilear bho air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean chun an co-fharpais ann an Steòrnabhagh agus ann an Dun Èideann.
Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail aig Talla a’ Bhaile Steòrnabhaigh air Dimàirt agus Diciadain 5mh agus 6mh den Samhain 2019.
Bidh sia sgiobaidhean deug a’ gabhail pàirt ann am farpais 2019, bho trì deug sgoiltean. Thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun na h-iar-chuairt deireannach. Bidh na cuairtean deireannach air an cumail ann an Dùn Èideann air Diciadain agus Diardaoin 4mh agus 5mh Dùbhlachd 2019. Thèid an cuairt deireannach a chumail anns am Prìomh Seòmar Deasbaid aig Pàrlamaid na h-Alba, mar phàirt den na tachartasan a tha a’ comharrachadh fichead bliadhna den Phàrlamaid.
Tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air Boyd Robasdan, Agnes Rennie agus Iain Stephen Moireasdain, a bhios nam britheamhan am-bliadhna.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid às leth Comataidh Rianachd Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris am ficheadamh bliadhna de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean, agus a bhith a’ cur fàilte air na sgoiltean a Steòrnabhagh a-rithist. An-dèidh soirbheachas do Hannah NicLeòid agus Sandy Moireastan bho Àrd-Sgoil MhicNeacail an-uiridh tha sinn a’ coimhead air adhart gu farpais a bhios a-rithist aig sàr àrd ìre.”
Tòisichidh a’ chiad chuairt air Dimàirt an 5mh latha den Samhain aig 1f agus a-rithist aig 6:30f. Cumaidh am farpais a’ dol air Diciadain an 6mh latha den Samhain aig 10:30m gu 1f. Tòisichidh e a-rithist aig 2f gu 5f.
Chaidh an taghadh airson a’ chiad chuairt mar a leanas:
Madainn
Àrdsgoil Mhalaig V Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis A
Sgoil an Tairbeirt V Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig A
Acadamaidh Dhùn Omhain V Sgoil Lionacleit
Sgoil MhicNeacail V Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Feasgar
Àrdsgoil Gheàrrloch A V Àrdsgoil Àrdnammurchan
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig B V Àrdsgoil Phortrigh
Àrdsgoil Sheumais Ghillespie V Àrdsgoil Gheàrrloch B
Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis B Sgoil Choimhearsnachd Bhàgh a’ Chaisteil.