Dìleab EP
`S urrainnear a-nis ceannach EP Dìleab, a tha a’ tighinn le còig òrain sònraichte bho Willie Caimbeul agus sgoilearan bho air feadh na h-Eileanan an Iar. Tha cuspairean nan òran a’ gabhail a-steach eilthireachd, buaidh a’ chogaidh, call na h-Iolaire agus strì is poilitigs – cuspairean a thug buaidh mhòr air na h-Eileanan.
Thuirt Willie Caimbeul, neach-ciùil ionadail, “Thàinig EP Dìleab ri chèile tron an oidhirp aig tòrr dhaoine. Tha seinn na h-òigridh tro na h-òrain àlainn agus chur iad ris an EP gu mòr. Thug e mòr thoileachas dhomh a bhith mar phàirt den a’ phròiseact seo agus na h-òrain a’ sgrìobhadh agus tha mi gu math toilichte leis an EP. Tha mi an dòchas gun còrd e ri daoine a cheart cho math `s a chòrd e riumsa a dhèanamh.”
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Manaidsear Aonadh Ioma-mheadhain, “`S urrainn an EP a cheannach bho oifisean na Comhairle ann an Steòrnabhagh, Talla a Bhaile agus An Lanntair ann an Leòdhas. `S urrainnear cuideachd am faighinn aig Sgoil an Tairbeirt, Taigh-Staillinn na Hearadh agus Sgoil Bagh a’ Chaisteil ann am Barraigh, agus cosgaidh iad £7. Bidh an EP ri fhaighinn cuideachd ann an cruth digiteach air Dihaoine 18 Dàmhair tro ‘Bandcamp’ agus cosgaidh iad £5.99. Tha sinn an dòchas gun cùm a’ choimhearsnachd taic ris a’ phròiseact seo, agus thèid am maoineachadh air ais dhan phròiseact airson dèanamh cinnteach gun cùm e a’ dol.”
‘S urrainnear cuideachd an EP òrdachadh agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn bho ESdileab@gmail.com