Cèilidh Oidhche na Nollaig

Mar thoradh air am fàilte a fhuair planaichean airson cèilidh Là na Bliadhn’ Ùir, bidh a’ Comhairle cuideachd a’ craoladh cèilidh Nollaig air an 24mh den Dùbhlachd aig 9f. 

Thèid a’ chèilidh a chlàradh ro làimh, le feadhainn de na seinneadairean cliùiteach a tha air ar cumail a’ dol thairis air na mìosan a chaidh seachad.  Bidh seinneadairean ùra a’ nochdadh cuideachd, le laoidhean is òrain Nollaig ann an Gàidhlig is Beurla.   Gach latha, bho Dhiluain gu Dihaoine, a’ tòiseachadh air Diluain an 7mh latha den Dùbhlachd aig 10m, ainmichidh a’ Comhairle na seinneadairean a bhios a’ gabhail pàirt sa chèilidh.

Thuirt neach-labhairt bhon Comhairle, “Tha sinn airson taing mhòr a thoirt dha na seinneadairean airson an obair ionmholta le bhith a’ clàradh nan òran tràth, agus dha Sgioba Ioma-mheadhain na Comhairle airson na cèilidh a tharraing ri chèile.  Tha sinn an dòchas gum bi sibh ag èisteachd còmhla rinn air Oidhche na Nollaig.”