Clàradh Ro-sgoile

Clàradh Ro-Sgoile 2020/2021

Tha àitichean ro-sgoile a-nis rim faotainn airson seisean 2020/2021 do chloinn:

  • a tha 4 agus nach eil an-dràsta clàraichte le aonad ro-sgoile.
  • a bhitheas 3 bliadhna dh’aois eadar 1 Màrt 2020 agus 28 Gearran 2021
  • a bhios 2 bhliadhna a dh’aois eadar 1 Màrt 2020 agus 28 Gearran 2021 agus far a bheil pàrant(an)/ luchd-cùraim airidh air sochairean sònraichte.

Tha airidheachd airson ionnsachadh tràth agus cùram chloinne tron bhliadhna mar a leanas::

Bho theirm an Fhoghair (Lùnastal - Dùbhlachd) – clann a rugadh eadar 1 Màrt agus 31 Lùnastal

Bho theirm an Earraich (Faoilleach - Màrt) – clann a rugadh eadar 1 Sultain agus 31 Dùbhlachd

Bho theirm an t-Samhraidh (Giblean - Ògmhios) – clann a rugadh eadar 1 Faoilleach agus 28 Gearran

Tha cuireadh ga thoirt do phàrantan an clann a chlàradh aig sgoil-àraich air an t-seachdain a’ toiseachadh Diluain 27 Faoilleach 2020 ach a-mhàin:

  • Sgoil Àraich Bun-sgoil Steòrnabhaigh far am bithear a’ clàradh air Diluain 27 Faoilleach 2020 agus Dimàirt 28 Faoilleach 2020 eadar 10.00m agus 12.00m agus 2.00f agus 4.00f a-mhàin.

Thathar ag iarraidh air pàrantan Teisteanas Breith an leanaibh a thoirt leotha.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bhon aonad ionadail.  Gheibhear bileag fiosrachaidh ro-sgoile agus fiosrachadh mu aonadan ro-sgoile bho Oifis nan Tràth Bhliadhnachan ann an Roinn an Fhoghlaim agus Seirbheisean Chloinne 01851 822655.