18 Ògmhios 2025

Comataidh Còmhdhail Agus Bun-Structair - 18 Ògmhios 2025

Fios Coinneamh

Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann am Oifisean na Comhairle, Steòrnabhagh air Diciadain 18 Ògmhios 2025 aig 9.30m

Clar Obrach

*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:

  • Cuspair 11 - Earann 6 - Fiosrachadh an dàimh ri cùisean ionmhais no gnothachais neach sam bith (a-thuilleadh air a’  Chomhairle).
     

Geàrr-Chunntasan

  1. Geàrr-chunntas na Coinneimh air 30 Giblean 2025
  2. Geàrr-chunntas Coinneamh HITRANS air 25 Giblean 2025
  3. Clàradh Ùidh

Taisbeanadh

  1. Taisbeanadh nan Aiseagan

(Taisbeanadh le Calmac agus CMAL)

Sgrùdadh Dhèanadais

  1. Aithisg Lìbhrigeadh Bhuilean: So-mhaoin agus Bun-structair

(Aithisg le Prìomh Oifigear So-mhaoin agus Bun-structair

Seirbheisean Sgudail

  1. Fiosrachadh mu Ro-innleachd Sgudail
    Pàipear-taice

(Aithisg le Ceannard Seirbheisean Comhairle)

Taighean-Spadaidh

  1. Fiosrachadh mu Thaigh-spadaidh Steòrnabhaigh

(Aithisg le Ceannard Seirbheisean Comhairle)

Seirbheisean Bhus

  1. Fiosrachadh mu Chunnraidhean Busaichean Leòdhais is Na Hearadh 2026

(Aithisg le Ceannard Seirbheisean Comhairle)

Bun-Structair

  1. Fiosrachadh mu Bun-structair Connaidh do Charbadan Dealain

(Aithisg le Prìomh Oifigear So-mhaoin agus Bun-structair)

Rianachd Dhèanadais

  1. Aithisgean Fhathast ri Thighinn

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Cuspairean Dìomhair

  1. Cur às do So-mhaoin thar fheum*

(Aithisg le Prìomh Oifigear, So-mhaoin agus Bun-structar)

FIOSRACHADH:  Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air 24 Sultain 2025

Geàrr-chunntas na Coinneimh

Thèid geàrr-chunntasan fhoillseachadh nuair a bhios iad rim faighinn.