23 Giblean 2024

Comataidh Foghlam, Spòrs Is Seirbheisean Chloinne - 23 Giblean 2024

Fios Coinneamh

Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann am Cnoc Soilleir, Dhalabroig, agh air Dimàirt, 23 Giblean 2024 aig 1.30f.

Clar Obrach

*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:

Cuspair 6 - Earann 5 - Fiosrachadh a’ buntainn ri uchd-mhacachd, cùram, altram no oideachadh leanabh sònraichte sam bith no a’ buntainn ri bhith a’ cumail sùil air no àite-còmhnaidh leanabh sònraichte sam bith a rèir riatanas stiùiridh a chaidh a dhèanamh a thaobh an leanaibh sin fo Achd Obair Shòisealachd (Alba) 1968.

Cuspair 12 - Earann 1 - Fiosrachadh ann an dàimh ri neach air fhastadh, neach a bha air fhastadh no tagraiche gu bhith air fhastadh, no oifigear no neach a bha na oifigear, no tagraiche gu bhith na oifigear, aig a’ Chomhairle.

Geàrr-Chunntasan

  1. Geàrr-chunntas na Coinneimh air 6 Gearran 2024
  2. Geàrr-chunntas na Coinneimh air 20 Gearran 2024
  3. Clàradh Ùidh

Sgrùdadh Dhèanadais

  1. Planaichean Gnothachais an t-Seirbheis agus Clàraidhean Cunnart dhan Obair 2024/25

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

  1. Planaichean Leantainneachd Gnothachais

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Seirbheisean Chloinne

  1. *Suidheachadh Àite-còmhnaidh do Chlann agus Daoin’ Òga

(Aithisg le Ceannard Seirbheisean Chloinne/Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

  1. Fiosrachadh mu Phròiseact Bairns Hoose

(Aithisg le Ceannard Seirbheisean Chloinne/Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

Ionnsachadh Agus Leasachadh Coimhearsnachd

  1. Fiosrachadh as ùr air Co-chomhairleachadh le Luchd-cleachdaidh Làr Ìosal Ionad Naomh Lennan

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

Ullachadh Foghlaim

  1. Ath-sgrùdadh air Sgìrean Sgoile:  Sgoiltean Dhalabroig agus an Iochdair

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Iasadachd Sheaghail airson Carbadan Ùr Roinn an Fhoghlaim

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

Cuspairean Co-Cheangailte

  1. Poileasaidh air Brosnachadh Co-cheangalan agus Modh Seasmhach
    1. Appendix

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. *Maoineachadh Beurla do Luchd-labhairt Chànanan Eile (ESOL)

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

Ath-Sgrùdadh Dhèanadais

  1. Aithisgean fhathast ri thighinn

(Aithisg leis an Àrd-Oifigear)

FIOSRACHADH:  Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air 18 Ògmhios 2024.