An àireamh as motha de sgoiltean a-riamh gu bhith a’ farpais ann an Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean

An àireamh as motha de sgoiltean a-riamh gu bhith a’ farpais ann an Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean

Tha 18 sgoiltean - an àireamh a bu mhotha a chunnacas a-riamh – gu bhith an sàs anns na ciad chuairtean de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean, a bhios air an cumail san Lanntair ann an Steòrnabhagh air 4mh agus 5mh den t-Samhain.

Tha an fharpais a’ sìor-fhàs mar fhear de na prìomh dhòighean a thèid aig òigridh air na sgilean aca a thaisbeanadh a thaobh deasbaid, breithneachaidh agus labhairt air beulaibh sluaigh.

Tha an àireamh de chom-pàirtichean a’ foillseachadh mar a tha ùidh ann an deasbad Gàidhlig a’ dol am meud am measg òigridh agus sgoiltean air feadh na dùthcha. Thèid dearbhadh anns na ciad chuairtean ann an Steòrnabhagh cò na sgiobaidhean a thèid air adhart chun nan cuairtean deireannach, a bhios gan cumail ann an Dùn Èideann air an 26mh & 27mh den t-Samhain 2025.

Thathar a-nis a’ dèanamh fiughair mhòr ri Deasbad nan Àrd-sgoiltean Nàiseanta ann an saoghal na Gàidhlig, ’s e a’ toirt cothrom do sgoilearan an dà chuid na sgilean cànain aca a leasachadh, agus cuideachd eòlas ann a bhith a’ cur am beachd fhèin an cèill air beulaibh sluaigh.

Thèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh mu na sgoiltean a tha an sàs agus cò bhios a’ deasbad an aghaidh cò anns a’ chiad dà chuairt anns na beagan sheachdainean ri thighinn.

Tha an sgioba air a chùlaibh a’ cur fàilte air Spiorad na Mara ’s iad a’ tilleadh mar phrìomh bhuidheann maoineachaidh an tachartais airson an dàrna bliadhna, a’ toirt taic air leth cudromach a thaobh soirbheas is maireannachd na farpais.

“Tha sinn taingeil dha-rìribh do Spiorad na Mara, agus an dealas a th’ aca ri linn an ath ghinealaich agus ri linn na Gàidhlig,” thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Cathraiche Comataidh Stiùiridh an Deasbaid. “Tha an taic a’ fàgail gu bheil sinn comasach tachartas air leth a chur air dòigh do sgoilearan bho air feadh na dùthcha.”

Bha Màrtainn Whyte – Stiùiriche Pròiseact a’ bruidhinn às leth Spiorad na Mara – air an aon ràmh, ag ràdh:

“Tha e na urram dhuinn a bhith a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean airson an dàrna bliadhna. Tha sinne aig Spiorad na Mara den bheachd gu bheil e deatamach a bhith a’ brosnachadh ’s a’ comharrachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg na h-òigridh. Chan e a-mhàin gu bheil an deasbad a’ neartachadh sgilean cànain, ach tha e cuideachd a’ cur solas air beartas cultar na Gàidhlig, agus cho cudromach ’s a tha e a bhith ga thoirt air adhart dhan ath ghinealach.”