Tha am Bile a chaidh tron phàrlamaid air an 17mh Og mhìos ag amas air cleachdadh Gàidhlig agus Albais a bhrosnachadh air feadh Alba.
Tha am bile a’ buileachadh cumhachd airson Sgìrean Gàidhlig Sònraichte (SCS) a stèidheachadh air ùghdarasan ionadail.
A-rèir a’ bhile:
“Faodaidh ùghdaras ionadail a h-ùile sgath no pàirt den raon riaghlaidh aca ainmeachadh mar SCS ma thathas den bheachd gu bheilear a’ coilionadh nan slatan tomhais airson SCS.
“Faodar àiteachan a dhleasadh mar SCS ma tha àireamh shònraichte de dhaoine le sgilean Gàidhlig a’ fuireach annta, ma bhathas a’ cleachdadh Gàidhlig annta gu h-eachdraidheil, ma tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn annta no ma tha iomairtean brìghmhòr a thaobh Gàidhlig a’ tachairt annta.”
Thuirt an Comhairliche Macsuain:
“Tha a’ Chomhairle cur fàilte air an naidheachd gun deach Bile nan Cànanan Albannach aontachadh leis a’ Phàrlamaid gu h-aona ghuthach. Thathas toilichte gun deach ìnbhe oifigeil a bhuileachadh air Gàidhlig agus Albais agus còirichean a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a neartachadh.
“Feumaidh coimhearsnachdan, ùghdarasan ionadail, Bòrd na Gàidhlig san Riaghaltas tighinn gu co-dhùnadh san aithghearrachd a thaobh amasan, cruth agus maoineachadh Sgìrean Cànain Sònraichte a fhreagras air suidhichidhean eadar-dhealaichte. Tha sinn toilichte gu bheil subailteachd anns an reachdas a leigeas leinn na h-Eileanan an Iar a dhleasadh mar aon SCS.
‘S e gun toir an reachdas, planaichean agus airgead a thèid a chosg air SCS piseach air labhairt na Gàidhlig nar còimhearsnachdan, àitichean obrach agus sgoiltean am prìomh shlat-tomhais a dh’fheumas sinn uile a chleachdadh ma tha piseach a’ dol a thighinn air suidheachadh a’ chànain. Tha an reachdas a-nise stèidhichte ach ‘s e gnìomh a dhearbhas.”
Tha am bile cuideachd a’ cur focus làidir air foghlam agus trèanadh le gealltanasan a thaobh tràth bhliadhnaichean, trèanadh agus foghlam Gàidhlig san àrd-sgoil.