
Tha dà thaisbeanadh a’ rannsachadh cuspair eilthireachd bho na h-Innse Gall gan cumail aig ionadan Museum nan Eilean as t-samhradh, air thoiseach air Co-labhairt Eilthireachd as t-fhoghar. Bidh a’ chiad thaisbeanadh a’ fosgladh aig Museum nan Eilean, Lionacleit, aig 6f Dihaoine (30 Cèitean).
Tha Museum nan Eilean air a bhith fortanach gun deach aige air grunn rudan iongantach fhaighinn air iasad bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha na h-iasadan seo a’ faighinn taic bho Mhaoin Prògram Iasaid le Ealain Weston. Air a stèidheachadh le Bunait agus Maoin Ealain Garfield Weston, ’s e Prògram Iasaid Weston a’ chiad sgeama maoineachaidh a-riamh air feadh na RA a leigeas le taighean-tasgaidh nas lugha agus taighean-tasgaidh ùghdarrasan ionadail obair ealain is stuthan-ealain fhaighinn air iasad bho chruinneachaidhean nàiseanta.
Bidh na taisbeanaidhean a’ sealltainn stuthan dùthchasach bho Chruinneachaidhean Ameireagaidh Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, a’ toirt a-steach brogan-sneachda, bagaichean-teineagus còta Ceannard Inuit. Cha deach na stuthan seo a shealltainn anns na h-eileanan a-riamh, agus tha ceangal inntinneach aig tòrr dhiubh ri neach-malairt bèin às na h-Innse Gall. Thuirt Ashley Ferrier, Oifigear Chruinneachaidhean Museum nan Ealan:
‘Tha e cudromach gun urrainn dhuinn stuthan co-cheangailte ris na Tùsanaich agus an luchd-malairt bèin a bha ag obair ann am Bàgh Hudson a thaisbeanadh anns na h-Innse Gall, a bharrachd air nithean co-cheangailte ri mèinneadh òir air feadh an t-saoghail. ’S e sgeulachdan a tha seo nach eil cho aithnichte, agus tha na h-iasadan nàiseanta a’ cuideachadh ann a bhith a’ soilleireachadh agus a’ comharrachadh nan tachartasan eachdraidheil sin.’
Bidh dà dhealbh suaicheanta anns na taisbeanaidhean cuideachd, air iasad bho Chruinneachadh Fleming-Wyfold, mun chuspair Fhuadaichean nan Gàidheal:
- Lochaber no More le Iain MacBhatair MacNeacail (aig MnE, Lionacleit)
- The Last of the Clan le Tòmas Faed (aig MnE, Steòrnabhagh)
Cha deach an sealltainn anns na h-eileanan airson faisg air 40 bliadhna.
Thuirt Oifigear Leasachaidh Museum nan Eilean, Caitriona NicCuthais,
‘Tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn iasad fhaighinn de chan e dìreach aon, ach dà, dhealbh ainmeil, agus a bhith ag obair còmhla ri Bunait Fleming-Wyfold airson a’ chiad uair. Tha sinn an dòchas gun tig daoine de gach aois gu na taisbeanaidhean againn airson am faicinn; tha e uamhasach tiamhaidh a bhith a’ faicinn nan obraichean ealain tùsail sin.’
Bidh stuthan eile air iasad a chuidicheas ann a bhith ag innse sgeulachdan eilthirich cuideachd air an taisbeanadh bho Ghrèis-bhrat Diaspora na h-Alba agus Taigh-tasgaidh Mèinnearachd Nàiseanta na h-Alba.
Tro mheasgachadh de stuthan, tasglannan agus sgrìobhainnean, a’ gabhail a-steach nithean cudromach bho na cruinneachaidhean aig Museum nan Eilean fhèin, tha na cuspairean a chaidh a sgrùdadh a’ gabhail a-steach a’ mhalairt-bèin agus rùrachadh, boile an òir, mèinneadh, eòlas boireannaich is imrich chloinne. Bidh na taisbeanaidhean cuideachd a’ beachdachadh air a’ bhuaidh air na Tùsanaich agus mar a chaidh am fearann a thoirt bhuapa.
Thuirt Seònaid Dhòmhnallach, Neach-tasglainn,
“S e leabhar-nota sagairt bhon 19mh linn a tha a’ toirt seachad fiosrachadh mu eilthireachd à Uibhist a Deas ann an 1772 aon de na nithean as inntinniche a chaidh a rannsachadh anns na cruinneachaidhean againn. Tha seo a-nis air a ghleidheadhagus air a chur ann an cruth didseatach, agus tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn a chur air-loidhne a dh’ aithghearr, a bharrachd air a shealltainn san taisbeanadh.”
Thuirt Sophia Weston, Leas-chathraiche Bunait Garfield Weston:
“’S e aon de na prìomh amasan aig Prògram Iasaid Weston taighean-tasgaidh a chuideachadh gus sgeulachdan inntinneach innse tro iasadan brìoghmhor a tha a’ buntainn ri dualchas ionadail, agus mar sin, tha sinn air leth toilichte taic a chur ris na taisbeanaidhean seo ann an Lionacleit agus Steòrnabhagh, a bhios a’ toirt cothrom do luchd-èisteachd ùr nithean nach fhacas a-riamh roimhe anns na h-eileanan fhaicinn.”
Tha taic bhon choimhearsnachd cuideachd air a bhith cudromach gus na sgeulachdan mu eilthireachd innse. Fhuair an taigh-tasgaidh tòrr dhealbhan-camara bho na teaghlaichean is sliochdan an dèidh dhuinn iarrtas a chur a-mach air an son. Cha ghabhadh ach àireamh bheag dhiubh a ghabhail a-steach san taisbeanadh, ach bidh mòran a bharrachd rim faighinn ann an earrann ùr air an làrach-lìn againn.
Bidh na taisbeanaidhean ann aig Museum nan Eilean, Lionacleit, bho 31d Cèitean gu 29mh Samhain 2025, agus aig Museum nan Eilean, Steòrnabhagh, bho 14mh Ògmhios gu 29mh Samhain 2025.
Bidh prògram gnìomhachd co-cheangailte ris an taisbeanadh ann, air a mhaoineachadh leis a’ Mhaoin Ealain, tro Bhunait Garfield Weston. Thèid barrachd fiosrachaidh a shanasachadh tro na duilleagan mheadhanan sòisealta agus air an làrach-lìn againn an ceann ùine.
Co-labhairt mu Eilthireachd: Saoghal Mòr Farsaing 30 Sult-1 Dàmh 2025
A bharrachd air na taisbeanaidhean againn, tha Museum agus Tasglann nan Eilean air co-labhairt trì latha a chur air dòigh mun chuspair eilthireachd. Thèid an tachartas a chumail aig Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh, bho 30mh Sultain gu 2na Dàmhair 2025. Tha prògram na co-labhairt a’ tabhann beachdachadh farsaing is eadar-dhealaichte air eilthireachd – cuspair a tha cho cudromach ann an eachdraidh nan eilean. Faodaidh riochdairean a bhith an làthair gu pearsanta no a bhith ann air-loidhne.
Fiosrachadh mu phrògram na co-labhairt agus mar as urrainnear bucadh a dheanamh.





