
Thuirt Fiona NicLeòid:
"Tha sinn air ar dòigh leis mar a dh’obraich cùisean. Tha a’ chlann ag ionnsachadh òrain Gàidhlig, ceangailte ri soidhnichean Makaton. Tha sinn airson taing a thoirt do Dholly NicDhòmhaill airson taic le Makaton. Tha putanan fuaim dathach ann as urrainn dhan chloinn a bhrùthadh gus abairtean Gàidhlig a chluinntinn san t-seòmar. Tha sgioba luchd-obrach air taic fhaighinn gus Gàidhlig ionnsachadh aig astar a tha freagarrach dhaibhsan agus tha iad a’ faireachdainn misneachail a-nis ann a bhith ag innse sgeulachdan agus a’ seinn òrain Gàidhlig. Tha an taic a fhuair am pròiseact air a bhith air leth, agus tha e air a bhith sònraichte math fhaichinn mar a tha cuid de phàrantan air a bhith an sàs ann an leasachadh a’ ghoireis ùire seo agus na clàraidhean a chaidh a dhèanamh air a shon."

Tha Hannah NicIllIosa, Neach-obrach Taic Litearrachd is Àireamhachd ann an Comhairle nan Eilean Siar, agus Elaine Poke, Neach-teagaisg Curraicealam Thràth-bhliadhnaichean, air taic a chur ris a’ phròiseact seo agus tha iad air leth toilichte mun dòigh ’s a tha luchd-cleachdaidh is clann a’ cleachdadh na Gàidhlig gu dealasach. Tha rannsachadh a’ sealltainn mar a bhios na ceanglaichean eanchainne a thèid an cruthachadh sna bliadhnaichean as tràithe ann am beatha leanabhan a’ toirt buaidh air leasachadh chloinne. Tha an rannsachadh cuideachd a’ sealltainn mar a tha buannachdan an lùib dà-chànanas agus a bhith ag ionnsachadh dà chànan.
Thuirt Elaine Poke cuideachd:
"Tha e sònraichte math a bhith a’ cluinntinn na cloinne a’ seinn, a’ soidhnigeadh agus a’ cleachdadh abairtean Gàidhlig aig aois cho òg. Bha measgachadh de chomasan Gàidhlig am measg an luchd-cleachdaidh, a’ gabhail a-steach luchd-tòiseachaidh. Tha ionnsachadh na Gàidhlig còmhla na dhòigh ionnsachaidh air leth èifeachadh. Tha feallsanachd chàirdeil, Ghàidhlig ann an Ionad Cùram Chloinne Steòrnabhaigh a tha air a leabachadh ann an conaltradh làitheil an sin, agus tha e iongantach mar a tha a h-uile duine air a bhith an sàs gu tur sa phròiseact seo."
Tha oidhirpean co-obrachail Aonad Ioma-mheadhain na Comhairle agus Roinn nan Tràth-bhliadhnaichean air goireas maireannach a chruthachadh. Bidh an leabhar didseatach seo gu math feumail do shuidheachaidhean tràth-bhliadhnaichean air feadh nan Eilean Siar, ach thathar an dùil gum bi fàilte air cuideachd aig ìre nàiseanta. Gheibhear an leabhar didseatach aig a’ cheangal a leanas.
