
“Bha mi riamh a’ miannachadh gun robh mo phàrantan air mo chur tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, ach aig an àm, bha iad dhen bheachd nach biodh duine ann airson mo chuideachadh le m’ obair-dachaigh. Nuair a bha teaghlach agam fhìn, bha mi gu mòr airson cothrom a thoirt dom chuid chloinne a dhol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidlig.
Bha an aon rud a’ cur dragh orm fhìn, sin a bhith a’ cumail taic le obair-dachaigh, ach bha mi cinnteach gun robh na buannachdan a bha an lùib dà-chànanas fada nas làidire na draghan sam bith a bha ormsa gu pearsanta. Chaidh am balach agam, Harvi, gu Sgoil Àraich An Rubha, agus shoirbhich gu mòr leis. Bha an luchd-obrach ann cho taiceil agus misneachail agus rinn sin diofar mòr dhòmhsa. Nuair a chunnaic mi cho math ’s a bha e a’ dèanamh, bha e tòrr nas fhasa an co-dhùnadh a dhèanamh cumail ris a’ Ghàidhlig.
Bha mo nighean bheag, Belle, a’ dol gach seachdain gu Thig a’ Chluich, bho aois gu math òg agus thug sin misneachd mhòr dhi anns a’ Ghàidhlig. A-nis, ann an Sgoil-àraich An Rubha, tha i a’ seinn a h-uile òran sa Ghàidhlig—chan eil facal Beurla ri chluinntinn! Tha i dìreach a’ gabhail a h-uile càil a-steach.
Bha beagan de dh’iomagain orm an toiseach nach biodh mi comasach air obair-dachaigh a dhèanamh còmhla riutha, leis nach eil mi fhìn fileanta. Ach tha pailteas de thaic ann—air-loidhne, tron sgoil agus bho phàrantan eile—cha robh mi riamh ann a’ faireachdainn aonranach no leam fhìn. A-nis tha mo mhac a-nis gam cheartachadh air m’ fhuaimneachadh agus ag innse dhomh far a bheil mise a’ dol ceàrr! Tha e àlainn agus na adhbhar pròis a bhith gan cluinntinn a’ bruidhinn ri chèile sa Ghàidhlig agus an tè bheag a’ tuigsinn a h-uile facal.
Bidh mi tric ag iarraidh air mo theaghlach is mo charaidean bruidhinn sa Ghàidhlig riutha, eadhon ged nach eil mise a’ tuigsinn a h-uile facal. Ged a rinn mi beagan Gàidhlig san sgoil, cha robh duine a’ bruidhinn rium, agus mar sin cha do dh’fhàg mi an sgoil ach le beagan bhriathran. A-nis, tha mi a’ feuchainn ri Gàidhlig a chumail beò san taigh, le cartùnan is òrain. Agus a-nis, leis gu bheil mo nighean a’ dol dhan sgoil a dh’ aithghearr, tha rudeigin brèagha air tachairt—tha ise agus a bràthair a’ cluich agus a’ bruidhinn ri chèile sa Ghàidhlig fada nas trice agus ann an dòigh gu math nadarrach. Tha sinn uile ag ionnsachadh, còmhla”.
Tha clàradh a-nis fosgailte airson clann sgoil-àraich, BS1 agus ÀS1 ann an sgoiltean agus ionadan na Comhairle airson Lùnastal 2025 air adhart. Bu chòir dha pàrantan is luchd-cùraim an cuid cloinne a tha ion-roghnach a chlàradh ro Dhihaoine 7mh Màrt 2025.