
Chaidh am pròiseact a dhèanamh comasach tro mhaoineachadh a chaidh a lorg le Dr Charlie Peevers, Àrd-ollamh ann an Lagh Eadar-nàiseanta aig Oilthigh Ghlaschu, bho Chomhairle Rannsachaidh nan Ealan is nan Daonnachdan (AHRC). Tha Dr Peevers a’ rannsachadh eachdraidh dì-armachaidh agus iomairtean na sìthe bho thoiseach an 20mh linn gu ruige an latha an-diugh. Mar phàirt den phròiseact seo, tha i a’ coimhead air eachdraidh fhada iomairtean na sìthe anns na h-Eileanan an Iar, a’ gabhail a-steach leudachadh bun-stèidh NATO aig Port-adhair Steòrnabhagh anns na 1970an.
Bheir am maoineachadh cothrom cruinneachadh tasglainn Keep Nato Out a chatalogadh, a chaidh a thoirt dha Tasglann nan Eilean as t-samhradh 2024 le Aonghas MacCormaig, seann Cheann-suidhe iomairt KNO. A bharrachd air buannachd do rannsachadh Dr Peevers, bidh dìleab am pròiseict a’ ciallachadh gum bi luchd-rannsachaidh eile comasach air làn fheum a dhèanamh den t-susbaint san àm ri teachd.
Bheir am maoineachadh cuideachd cothrom air ceumannan glèidhidh a chur an gnìomh, agus air digiteachadh nan nithean as cudromaiche sa chruinneachadh.
`S e toradh eile den mhaoineachadh gum bi e na thaisbeanadh beag aig Tasglann nan Eilean ann an 2026. Innsidh an taisbeanadh sgeulachd na h-iomairt le bhith a cleachdadh cruinneachadh tasglainn KNO a tha air a chumail le Tasglann nan Eilean, agus tro stuth a tha air a chumail leis a’ choimhearsnachd agus nithean à cruinneachadh Museum nan Eilean. A bharrachd air nithean corporra, bidh ceanglaichean ann cuideachd ri clàraidhean eachdraidh a tha Dr Charlie Peevers air a bhith a’ cruinneachadh bho chuid de na daoine a bha an sàs ann an Keep Nato Out agus leithid iomairtean dì-armachaidh.
Tha fàilte air duine sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a’ gabhail pàirt sa phròiseact eachdraidh gus na cuimhneachain aca air an iomairt a chlàradh, no a tha airson an cuid eòlas a cho-roinn mar phàirt den rannsachadh, fios a chur gu Dr Charlie Peevers aig scottishdisarmamentproject@gmail.com.
Thuirt Aonghas MacCormaig, a thug an cruinneachadh dhan an tasglann:
“’S e naidheachd air leth a th’ ann gu bheil maoineachadh ri fhaighinn airson an obair seo air tasglainn Keep Nato Out. Tha mi air mo dhòigh gu bheil an tasglainn chan ann a-mhàin gu bhith air a chleachdadh le Dr Peevers airson a’ phròiseict rannsachaidh chudromach seo, ach cuideachd gum bi an obair chatalogaidh agus an taisbeanadh ga dhèanamh ruigsinneach do luchd-rannsachaidh san àm ri teachd.
Thuirt Dr Charlie Peevers:
“Tha tasglainn KNO na dhearbhadh cumhachdach air mar a dh’fhaodas gnìomhan coitcheann coimhearsnachdan a thoirt còmhla gus barrachd guth a thoirt dhaibh ann an co-dhùnaidhean poileasaidh is leasachaidh – co-dhùnaidhean a dh’fhaodadh buaidh mhòr a thoirt air beatha nan eilean.
’S e cuideachd dearbhadh air ceangal cruinneil nan Eilean Siar, a’ sealltainn mar a tha iomadh dragh ionadail – mu phoileataigs chom-pàirteach, leasachadh eaconamach, agus dualchasan dì-bhuidseit is brath – air an roinn le sluagh air feadh an t-saoghail.”
Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, Tasglannaiche aig Tasglann nan Eilean:
“Tha sinn glè thaingeil do Aonghas MacCormaig airson an cruinneachadh a thoirt dhuinn, agus tha sinn gu mòr a’ cur luach air an cothrom a bhith ag obair air pròiseact cho inntinneach ann an co-obrachadh le Dr Charlie Peevers. Bheir am maoineachadh bho AHRC agus an co-obrachadh le Oilthigh Ghlaschu cothrom dhuinn tasglainn ionadail chudromach a chatalogadh agus a ghlèidheadh – obair nach biodh comasach aig an àm seo às aonais an taic.”
