Sgìrean Cànain Sònraichte

Sgìrean Cànain Sònraichte

Tha Comhairle nan Eilean Siar air fàilte a chur air gun deach Bile nan Cànanan Albannach a thoirt gu buil le Pàrlamaid na h-Alba a cheana ‘s a’ coimhead air adhart ri bhith co-obrachadh gu dlùth le coimhearsnachdan, an Riaghaltas, Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile gus Planaichean Ro-ìnnleachdail agus Ionadail a chur an gnìomh a-rèir Stiùireadh agus Comhairle a tha gu bhith air am foillseachadh a dh’aithghearr le Riaghaltas na h-Alba.

Aon uair ‘s gun tèid an Achd na reachdas, bidh uallach air ùghdarasan ionadail airson Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh ann an co-bhonn ris na buidhnean a chaidh ainmeachadh. Cruthachaidh an ìnbhe cothroman nas fheàrr agus nas subailte far am faod coimhearsnachdan seilbh agus uallach a ghabhail airson leasachadh na Gàidhlig.

Thuirt Dòmhnall Macsuain, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar,

“Cha tig ath-nuadhachadh air Gàidhlig ann an Sgìrean Cànain Sònraichte tro thaic phoilitigeach, barrachd ionmhais agus oidhirpean bhuidhnean reachdail a-mhàin. ‘S e am prìomh rud a tha dhìth gus am mair an cànan beò gum bi gu leòr dhaoine a tha fileanta anns na coimhearsnachdan deiseil agus deònach a’ Ghàidhlig a chleachdadh gu làitheil agus gun dèan luchd-ionnsachaidh dìcheall gus tighinn gu ìre còmhraidh siùbhlach. Airson làn fhileantachd, feumaidh clann a tha soirbheachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus inbhich a tha airson ionnsachadh cothrom fhaighinn air Gàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh ann ann suidhichidhean foimeil agus neo-fhoirmeil anns a’ choimhearsnachd.”

Thuirt Uisdean Robastan, Iar Chathraiche Comataidh na Gàidhlig,

“Tha taic phoilitigeach ann an-dràsta agus tha sinn beò an dòchas gun tig barrachd taic ionmhais a dh’aithghearr. ‘S iad na coimhearsnachdan as fhèarr fios mu dhòighean cruthachail san gabh suidheachadh a’ chànan leasachadh ‘s tha buidhnean reachdail deònach taic a chur riutha. Mar a tha an abairt Ghàidhlig ga chur gu pongail, “Far am bi toil, bidh gnìomh.”