
Bha Gàidhlig mar chiad chànan air taobh mo mhàthair, ach cha deach mo mhàthair agus a peathraichean a thogail leis a’ chànan. Bha Eadailtis aig m’ athair agus chaidh ar togail dà-chànanach, rud a thug saorsa agus mòran buannachdan dhomh nuair a bhiodh sinn a’ dol dhan Eadailt - agus rinn sinn cinnteach gu robh co-dhiù aon ìre A agam nuair a thàinig e gu deuchainnean na sgoile!
Nuair a ghluais sinn air ais gu tuath airson ùine às deidh dhuinn a bhith trom leis a’ chiad leanabh againn o chionn naoi bliadhna, cha robh mi a’ smaoineachadh air foghlam; bha mi gu tur a’ creidsinn gum bithinn air ais aig obair ann an ceann a deas Shasainn às deidh sia mìosan. Ach dh’atharraich beatha eileanach m’ inntinn agus mi nis nam mhàthair.
Nuair a thàinig e gu bhith a’ clàradh a’ chiad leanabh againn san sgoil-àraich, cha do smaoinich mi dà uair air Beurla no Gàidhlig oir bha fios agam cho cudromach sa bha dàrna cànan dhomhsa (ged is dòcha nach do thuig mi sin aig an àm). Tha mi dìreach air an treas leanabh agam a chlàradh airson tòiseachadh san sgoil san Lùnastal cha robh smaoineachadh sam bith againn ri dhèanamh mar theaghalach. Tha an dithis as sine a’ faighinn air adhart gu math agus tha mi fhìn a-nis comasach air taic a thoirt seachad le obair-dabhaigh is eile. Ach, chan eil e an-còmhnaidh furasta. Tha an leanabh as sine agam a-nis ann am P4 agus tha pailteas de ghoireasan ann airson taic a chumail ruinn. Cuideachd, tha mo charaidean agus mo nàbaidhean faisg air làimh ma tha ceistean sam bith agam.
Tha an duine agam air Duolingo a thòiseachadh gus an urrainn dha cuideachadh leis an obair-dachaigh nuair a tha e aig an taigh. Tha e air a bhith feumail gus na bunaitean gramair is eile fhaighinn. Ach, cha leig e leinn a bhith a’ cumail suas ris a’ chloinn a tha a-nis comasach air bruidhinn ri chèile ann an Gàidhlig - gar fàgail gun fhios a bheil iad a’ bruidhinn mu rudan nach bu chòir!
Tha mi a’ creidsinn gu làidir gu bheil a bhith ag ionnsachadh dàrna cànan ann an àrainneachd far a bheil i na cànan beò, a’ gabhail a-steach am measg luchd-labhairt dùthchasach, mar a tha anns na h-Eileanan Siar, na bhuannachd a bharrachd don chloinn againn. Aig an aon àm tha e comasach dhaibh freumhan nas làidire a stèidheachadh leis gu bheil iad a’ fàs suas ann an coimhearsnachdan an sinnsirean.
Chan eil fios agam dè na buannachdan fad-ùine a tha an lùib a bhith ag ionnsachadh dàrna cànan, ach tha fios agam gun do chuidich e mi cànanan eile ionnsachadh, agus gun do chuidich e mi a bhith nas neo-eisimeiliche thall thairis mar dheugaire / inbheach òg – chan ann a-mhàin san Eadailt. Thug e cothroman dhomh nach biodh agam ach le ma biodh agam ach aon chànan. Bha e comasach dhomh cabadaich le mo phiuthar cuideachd gun tuigse aig daoine a bha mun cuairt oirnn. Chòrd e rium a bhith ag ionnsachadh dualchainnt m’ athar (Neapolitan) mar a dh’ fhàs mi cuideachd – a’ toirt dhuinn saorsa a bhith a’ cabadaich gu saor ann an Alba.
Tha ar clann a’ faighinn tlachd à foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an nighean as sine a-nis air tòiseachadh ag ionnsachadh Beurla gu foirmeil san sgoil agus tha e a’ còrdadh rinn uile a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig as urrainn dhuinn gus sinn fhèin a bhogadh ann an cultar is coimhearsnachd Eilean Leòdhais – tric le plòidh is àbhachdas nuair a gheibh sinn ceàrr e!