30 Giblean 2025

Comataidh Poileasaidh Agus Storas - 30 Giblean 2025

Fios Coinneamh

Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann am Oifisean na Comhairle, Steòrnabhagh air Diciadain 30 Giblean 2025 aig 2.00f

Clar Obrach

*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:

Cuspair 21 – Earann 5 - Fiosrachadh a’ buntainn ri uchd-mhacachd, cùram, altram no oideachadh leanabh sònraichte sam bith no a’ buntainn ri bhith a’ cumail sùil air no àite-còmhnaidh leanabh sònraichte sam bith a rèir riatanas stiùiridh a chaidh a dhèanamh a thaobh an leanaibh sin fo Achd Obair Shòisealachd (Alba) 1968.

Cuspairean 20 & 22 - Earrannan 6, 8 & 9 - Fiosrachadh an dàimh ri cùisean ionmhais no gnothachais neach sam bith (a-thuilleadh air a’ Chomhairle), fiosrachadh ann an dàimh ri cosgais a tha a’ Chomhairle an dùil coinneachadh fo chunnradh shònraichte a-thaobh seilbh no a-thaobh solair air bathar no seirbheisean; agus fiosrachadh a-thaobh teirmean sam bith tairgste no gu bhith air an tairgse le no ris a’ Chomhairle, ann an cùrsa barganachaidh airson cunnradh ceannachd no reic seilbh no airson solar bathar no seirbheisean.

Geàrr-Chunntasan

  1. Geàrr-chunntas na Coinneimh air:
    1. 5 Gearran 2025
    2. 25 Gearran 2025 aig 2.00f
    3. 25 Gearran 2025 aig 3.00f
  2. Clàradh Ùidh
  3. Geàrr-chunntas Coinneamh Mòr-ionad Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh air 26 Màrt 2025
  4. Geàrr-chunntas Coinneamh Bòrd Sàbhailteachd Coimhearsnachd air 23 Giblean 2025
  5. Geàrr-chunntas Coinneamh Fo-Chomataidh Stòras Daonna air 24 Giblean 2025
  6. Geàrr-chunntas Coinneamh Comataidh na Gàidhlig air 29 Giblean 2025

Sgrùdadh-Dhèanadais

  1. Planaichean Gnothachais an t-Seirbheis agus Clàraidhean Cunnart dhan Obair 2025/26
    Pàipear-taice 2
    Pàipear-taice 3
    (Aithisg leis an Àrd-oifigear)
  2. Planaichean Leantainneachd Gnothachais
    (Aithisg leis an Àrd-oifigear)
  3. Pròiseact Dèanadais – Plana Cruth-atharrachaidh
    Pàipear-taice
    (Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Ionmhas Agus Ro-Innleachd

  1. Cosgaisean Bhliadhnail an Treas Ràith 2024/25
    (Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais)
  2. Ro-Innleachd Corporra 2024-2027:  Lìbhrigeadh Prìomh Bhuilean Ro-Innleachdail
    (Aithisg leis an Àrd-oifigear)
  3. Ionad Lùth Innse Gall (Cùmhnant nan Eilean)
    (Aithis le Prìomh Oifigear Dealbhaidh )
  4. Com-pàirteachas Ath-nuadhachadh Coimhearsnachd
    (Aithisg leis an Àrd-oifigear agus le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan)
  5. Maoin Dìleab Meadhan Baile
    (Aithis le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan)
  6. Fiosrachadh mu Thachartas Cyber
    (Aithisg leis an Àrd-oifigear)
  7. Seirbheisean Cùram Coimhearsnachd – Cosgaisean is 
    Cìsean 2025/26
    (Aithisg le Ceannard Seirbheisean Com-pàirteachaidh agus 
    Cùram Coimhearsnachd)
  8. Carbadan Glanaidh às ùr
    (Aithis le Prìomh Oifigear  )

Stòras Daonna

  1. Toraidhean Suirbhidh Com-pàirteachas Luchd-obrach
    Pàipear-taice
    (Aithis leis an Àrd-oifigear)

Ath-Sgrùdadh Dhèanadais

  1. Aithisgean Fhathast ri Thighinn
    (Aithis leis an Àrd-oifigear)

Cuspairean Dìomhair

  1. *Ath-shuidheachadh Prògram Cùmhnant Fàs nan Eilean – Innse Gall
    (Aithisg le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan)
  2. *Suidhichidhean Còmhnaidh do Chlann agus Daoin’ Òga
    (Aithisg le Ceannard Seirbheisean Chloinne/Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd
  3. *Mòr-ionad Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh
    (Aithisg leis an Àrd-oifigear)

FIOSRACHADH:  Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air Diciadain 18 Ògmhios  2025

Geàrr-chunntas na Coinneimh

Thèid geàrr-chunntasan fhoillseachadh nuair a bhios iad rim faighinn.