Faigh teisteanasan Gàidhlig gun do Dhachaigh Fhàgail

Faigh teisteanasan Gàidhlig gun do Dhachaigh Fhàgail

Ma tha thu nad inbheach a tha airson do chuid sgilean Gàidhlig a leasachadh, b’ fhiach dhut smaoineachadh mu chlasaichean air loidhne tro e-Sgoil, air an fhionnaraidh.
Dealbh
esgoil logo

Ma tha thu nad inbheach a tha airson do chuid sgilean Gàidhlig a leasachadh, b’ fhiach dhut smaoineachadh mu chlasaichean air loidhne tro e-Sgoil, air an fhionnaraidh.

Tha farsaingeachd de theisteanasan Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) SQA bhom faod oileanaich bho air feadh Alba taghadh air an tairgse. Bidh na cùrsaichean a tha air an lìbhrigeadh ann an co-phàirt ri Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean Iar, Thuath & Innse Gall a’ tòiseachadh san Lùnastal 2025. Bithear a’ tabhann Nàiseanta 4, Nàiseanta 5, Ard-ìre, agus Sàr Ard-ìre gus taic a chur ri luchd-ionnsachaidh a th’ air tòiseachadh air slighe ionnsachaidh cànain, a thuilleadh air an fheadhainn a tha an ìre mhath fileanta.   

Showing the 2024-2025 Gaelic SQL Enrollments

Seo an 5mh bliadhna de thairgse chlasaichean feasgair e-Sgoil ‘s chaidh còrr air 80 neach-ionnsachaidh a chur air adhart airson dheuchainnean SQA air a’ mhìos a chaidh. Tha a bhith ag ionnsachadh air loidhne bho chofhurtachd do dhachaigh fhèin air a bhith soirbheachail ‘s a’ freagairt air mòran, le àireamh iongantach (82%) de dh’oileanaich a’ faotainn A anns na deuchainnainean air a’ bhliadhna a chaidh.

A’ bruidhinn mu bhuannachdan tairge chùrsaichean e-Sgoile, thuirt oileanaich gun robh iad “goireasach, subailte” le “teagaisg aig àrd ìre”. Bho chionn ghoirid, thuirt oileanach, “Tha mi gu math misneachail gum bi mi aig ìre fileantachd nas luaithe na bhithinn a’ dùileachadh, nam bithinn ag ionnsachadh leam fhèin.” 

 

Thuirt Prìomh Thidsear Gàidhlig e-Sgoil, Catriona Currie, 

“Thairis air na grunn bhliadhnaichean mu dheireadh, tha àireamh nan inbheach bho air feadh Alba a tha ag ionnsachadh Gàidhlig tro e-Sgoil a ‘s fhìor èirigh. Tha luchd-ionnsachaidh a’ tighinn thugainn le raon farsaing de dh’eòlas agus de dh’fhileantachd. Tha iad uile a’ faighinn buannachd bho chlasaichean cunbhalach le deagh ghoireasan a tha furasta faighinn thuca air loidhne agus teagaisg thaiceil. Tha e air leth tlachdmhor a bhith faicinn luchd-ionnsachaidh a tha nan inbhich a’ tighinn gu fileantachd agus a’ soirbheachadh gu h-acadaimaigeach.”

 

Lorgar tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean, ìrean agus mar a chuireas tu steach air an son air làrach-lìn  e-Sgoil https://www.e-sgoil.com/gaidhlig/#Evening no le fios a chur gu oifis e-Sgoil aig  e-sgoil@gnes.net or 01851 822850. 

 

Fiosrachadh a bharrachd

  • ‘S e seirbheis teagaisg air-loidhne a chaidh a stèidheachadh ann an 2016 a th’ ann an e-Sgoil. Tha e-Sgoil a’ cuimseachadh air ionnsachadh beò, gnìomhach, air loidhne a’ cleachdadh teicneòlais gus cnapan-starra a lùghdachadh agus piseach a thoirt air toraidhean dhaoine òga. Tha co-ionnanachd aig teis meadhan na tha e-Sgoil a’ dèanamh ‘s tha sinn ag amas air sgoiltean a chuideachadh gus curraicealam nas fharsainge agus nas seasmhaiche a thabhann a rèir feumalachd sgoilearan.
  • Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Catriona Currie, Prìomh Thidsear Gàidhlig, tro ccurrie1u@gnes.net no fòn 01851822850.
  • Lorgar tuilleadh fiosrachaidh ann an leabharan cùrsa e-Sgoil
    https://www.e-sgoil.com/media/zsgnjcyg/nq-gaelic-courses-adults-2025-26.pdf 
Map of Scotland showing SQL Gaelic results