
A’ ruith gach Diciadain bho 3–5f, tha na seiseanan ann gus cuideachadh a thoirt do phàrantan, luchd-cùraim agus clann le fuaimneachadh, litreachadh, leughadh agus obair-dachaigh san fharsaingeachd. Bidh an leabharlann na àite tlachdmhor far am faigh teaghlaichean an cuid Gàidhlig a neartachadh còmhla, gu sònraichte far nach e a’ Ghàidhlig ciad chànan na dachaigh.
An-dràsta, tha 58% de sgoilearan Clas 1 anns na h-Eileanan Siar clàraichte ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le 48% air feadh roinn na bun-sgoile gu lèir . Tha na seiseanan ùra seo a’ daingneachadh dealas na Comhairle a thaobh taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh agus an teaghlaichean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cànan air a neartachadh san sgoil, aig an taigh agus sa choimhearsnachd.
