24 Giblean 2024

Comataidh Poileasaidh Agus Storas - 24 Giblean 2024

Fios Coinneamh

Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann an Talla Bhatarsaigh, Bhatarsaigh, air Diciadain 24 Giblean 2024 aig 2.00f

Clar Obrach

*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:

Cuspair 7 – Earannan 8 & 9 – fiosrachadh ann an dàimh ri cosgais a tha a’ Chomhairle an dùil coinneachadh fo chunnradh shònraichte athaobh seilbh no a-thaobh solair air bathar no seirbheisean; agus fiosrachadh a-thaobh teirmean sam bith tairgste no gu bhith air an tairgse le no ris a’ Chomhairle, ann an cùrsa barganachaidh airson cunnradh ceannachd no reic seilbh no airson solar bathar no seirbheisean

Cuspair 13 - Earann 5 - Fiosrachadh a’ buntainn ri uchd-mhacachd, cùram, altram no oideachadh leanabh sònraichte sam bith no a’ buntainn ri bhith a’ cumail sùil air no àite-còmhnaidh leanabh sònraichte sam bith a rèir riatanas stiùiridh a chaidh a dhèanamh a thaobh an leanaibh sin fo Achd Obair Shòisealachd (Alba) 1968.

Cuspair 15 – Earann 9 - Fiosrachadh a-thaobh thaobh teirmean sam bith tairgste no gu bhith air an tairgse le no ris a’ Chomhairle, ann an cùrsa barganachaidh airson cunnradh ceannachd no a’ cuidhteachadh seilbh no a-thaobh solair air bathar no seirbheisean.

Cuspair 16 – Earann 1 - Fiosrachadh ann an dàimh ri neach air fhastadh, neach a bha air fhastadh no tagraiche gu bhith air fhastadh, no oifigear no neach a bha na oifigear, no tagraiche gu bhith na oifigear, aig a’ Chomhairle. 

Geàrr-Chunntasan

  1. Geàrr-chunntas na Coinneimh Poileasaidh agus Storas air:
    1. 7 Gearran 2024
    2. 20 Gearran 2024 aig 2.00f
    3. 20 Gearran 2024 aig 3.00f
  2. Clàradh Ùidh
  3. Geàrr-chunntas Coinneamh Bòrd Buidseit air 16 Faoilleach 2024

Sgrùdadh Dhèanadais

  1. Planaichean Gnothachais an t-Seirbheis agus Clàraidhean Cunnart dhan Obair 2024/25

    Aithis leis an Àrd-oifigear
  2. Planaichean Leantainneachd Gnothachais

    Aithis leis an Àrd-oifigear

Ro-Innleachd

  1. Cùmhnant nan Eilean: Ionad nan Eilean airson Gualan Neoni (Innse Gall) agus Fios mu Lùth

    Aithisg leis an Leas Àrd-oifigear

Gnothaichean Corporra

  1. Fiosrachadh mu Thachartas Cyber

    Aithis leis an Àrd-oifigear
    *

Ionmhas Agus Poileasaidh

  1. Fiosrachadh mu Sgrùdadh Calpa 2023/24

    Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais
  2. Fiosrachadh mu Sgrùdadh Airgead Bhliadhnail 2023/24

    Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais
  3. Airgead Bhliadhnail Oighreachd a’Chrùin

    Aithisg leis an Leas Àrd-oifigear
  4. Carbaid Ùr Foghlaim

    Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne
  5. Seirbheisean Cùram Coimhearsnachd – Cosgaisean is Cìsean 2024-25

    Aithisg le Ceannard Seirbheisean Com-pàirteachaidh agus Cùram Coimhearsnachd
  6. Suidhichidhean Còmhnaidh do Chlann agus Daoin’ Òga

    Aithisg le Ceannard Seirbheisean Chloinne/Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd
    *

Program Calpa

  1. Mòr-ionad Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh

    Aithis leis an Àrd-oifigear

Leasachadh Eacanomaigeach

  1. Fiosrachadh mu Phròiseact Port Fànais 1

    Aithisg leis an Leas Àrd-oifigear
    *

Cuspairean Ceangailte

  1. Ath-sgrùdadh air Structaran Obrach

    Aithis leis an Àrd-oifigear
    *

Ath-Sgrùdadh Dhèanadais

  1. Aithisgean Fhathast ri Thighinn

    Aithis leis an Àrd-oifigear

Fiosrachadh:  Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air Diciadain 19 Ògmhios 2024